Ùrachadh An Sulaire


Ag obair bhon chuimhne aige fhèin, dealbhan longan-bhriste agus modailean, thog John Murdo MacLeòid, fear togail-eathraichean, le cuideachadh bho Aonghas Mac a' Ghobhainn, an sgoth mhòr thraidiseanta Leòdhasach den t-seòrsa a chaidh a dhealbhachadh bho thùs airson a bhith ag obair aig astar math a-mach bho thìr.
Bho chaidh a togail, tha an Sùlaire air a bhith a' cur feum air pìosan ùra a chur rithe agus a càradh airson a cumail sàbhailte agus comasach a bhith air a seòladh le muinntir na coimhearsnachd. Tha na dealbhan seo le Mhairi Law, a chaidh a phàigheadh le 'Falmadair' (Urras Mara Cheann a tuath Leòdhais), a' toirt cunntas air an obair càraidh mu dheireadh a chaidh a dhèanamh air an t-Sùlaire an deidh a turas bho Steòrnabhagh gu Àrd Àsaig anns na Hearadh far an do ghabh Mark Stockl os làimh an obair chudromach a dh' fheumar a dhèanamh.

Dualchas mara
Tha na dealbhan a' sealltainn ùrachadh bàta le eachdraidh shònraichte, le dealbhachadh a tha na theisteanas air smuaintean, sgilean agus beathannan dhaoine nach eil beò. Tha iad cuideachd a' sealltainn mar a ghabh eileanaich cùram a' bhàta nuair a bha i a' cur feum air a càradh.