Rugadh agus thogadh Dan Moireasdan, no Dan na Sparaig mar a dh’aithnichear e, anns a’ Chnoc Àrd, Nis, ann an 1910. ’S e tidsear a bh’ ann, agus mus do leig e seachad a dhreuchd bha e na phrìomh thidsear na Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil an Òbain.

Cheannaich Dan a’ chiad chamara aige ann an Glaschu ann an 1935. Thog e iomadh dealbh fad a bheatha, agus ann an 1997 chaidh taghadh de na dealbhan aige fhoillseachadh anns an leabhar, ‘Nis Aosmhor’. Bha an leabhar cho tarraingeach ’s gun deach fhoillseachadh a-rithist ann an 2019. 

Tha ‘Nis Aosmhor’ ri fhaighinn sa bhùth aig Comunn Eachdraidh Nis.

Sealladh sònraichte

Tha dealbhan Dan a’ toirt sealladh sònraichte dhuinn air sgìre Nis, na daoine agus an caitheamh-beatha aca thairis air trì fichead biadhna – gu h-àraid anns na bliadhnachan an dèidh an Dàrna Cogaidh. Bha dòigh-beatha na tuatha fhathast a’ dol gu dripeil agus na daoine an sàs ann an obair air choreigin a h-uile latha ach Latha na Sàbaid.