Cuimhneachan a' Chiad Chogaidh
View this page in English
Ann an 2014 chaidh taisbeanadh a chumail airson na ceud bliadhna bho thòisich a’ Chiad Chogadh a chomharrachadh. Thug an taisbeanadh còmhla fianais sgrìobhte agus dealbhan bhon tasglann agus nithean bhon taigh-tasgaidh gus sgeulachd buaidh a’ chogaidh air a’ choimhearsnachd a chur an cèill.
Chaidh ‘Poppy Trail’ a chur air adhart timcheall na sgìre san aon bhliadhna, a’ comharrachadh thaighean agus chroitean nan daoine nach do thill beò às a chogadh.
Sgeulachd mu mhisneachd
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhuaidh a’ Chogaidh Mhòir air an sgìre ri fhaighinn san leabhar 'Dol Fodha na Grèine (The Going Down of the Sun: the Great War and a rural Lewis community)’. Tha an leabhar a’ cur urram air na naoi ceud neach bhon sgìre a ghabh pàirt sa Chogadh agus ’s e cuimhneachan cùbhraidh agus prìseil a th’ againn orra gu lèir . Tha clàraidhean a rinneadh le feadhainn a thill dhachaigh na phàirt chudromach den leabhar.