Gnìomhachas an Iasgaich
View this page in English
Anns an naodhamh linn deug bha mòran bhon sgìre an sàs ann an gnìomhnachas an iasgaich. Aig an àm sin bha obair an iasgaich ann an ceann a tuath Leòdhais air leth soirbheachail, gu h-àraidh a thaobh langa agus trosg, ach cuideachd a thaobh iasg air an robh prìs na b' fheàrr mar an leòbag-leathann agus an turbaid.
Bha na boireannaich a bha ag obair dha na ciùrairean a' toirt an èisg bhon chidhe ann an clèibh gu stèisean ciùraidh. 'S ann an seo a bha an t-iasg air a sgoltadh, air a ghlanadh, air a shailleadh agus an uair sin air a thiormachadh air leacan faisg air làimh. Bha bàtaichean-malairt a' tighinn le salainn agus stuthan eile agus a' toirt air falbh an èisg a bh' air a chiùradh airson a reic.
Coltach ri iomadh sgìre iasgaich eile, dh'fhuiling Sgìre Nis mòran bhàthaidhean an cois an iasgaich. Ann an còrr air ceud bliadhna de dh' iasgach ann an eathraichean fosgailte agus ann an uisgeachdan cunnartach, tha e na iongnadh nach robh an call na bu mhotha. Gun teagamh, bha seo air sgàth an dòigh anns an robh na sgothan làidir Niseach air an dealbh agus air an togail, agus na h-iasgairean a bha gan seòladh.