Nobody's Home le John Maher
View this page in English
B’ ann am Manchester a rugadh agus a thogadh John Maher ach tha e air a bhith a’ fuireach anns Na Hearadh bho 2002.
Dh’aithnicheadh gu leòr e mar bhall den chòmhlan-ciùil ‘Na Buzzcocks’, anns na 70an. Thòisich e a’ tighinn dha na h-Eileanan airson làithean-saora anns na 90an agus bha e air a ghlacadh le na seallaidhean brèagha a bha e ri faicinn.
Ealain ath-lorg
Bha ùidh aig John a-riamh ann a bhith a’ togail dhealbhan agus thòisich e dha-rìribh leis an obair sin ann an 2009. Bha na seann taighean agus àirighean a tha cumanta anns na h-eileanan tarraingeach dha John agus b’ e sin an cuspair a thagh e airson nan dealbhan a bh’ anns an taisbeanadh, ‘Nobody’s Home’.