Dè tha Dol


Cofaidh agus Cabadaich
Thigibh còmhla rinn airson Cofaidh agus Cabadaich.
Cothrom dhuibh a bhith a bleadraicheadh agus pìos cèic ithe. Cha b'urrainn na b' fheàrr!
A h-uile Diciadain aig 11m, chan eil e gu diofar dè an ìre aig a bheil a' Ghàidhlig agad. Bidh fàilte oirbh uile.
Bidh an tachartas seo uile sa Ghàidhlig.

'Dùthchas' 2024
Thig còmhla rinn airson 'Dùthchas' a tha air a ruith le Urras Oigheachd Ghabhsainn.
Tha fios gum bi rudeigin ann don a h-uile duine thairis air an ceala-deug. Thoir sùil air www.galsontrust.com/events/duthchas airson tuilleadh fiosrachadh.
Seo na tachartasan a bhios aig Comunn Eachdraidh Nis Dùthchas aig CEN 2024
agus ma tha sibh airson a bhith còmhla rinn airson Ceòl sa Chafaidh, na dìochuimhnich ur biadh a thaghadh an seo Ceòl sa Chafaidh!

Oifigear Gàidhlig ùr airson Iar-thuath Leòdhais
Tha Alison Campbell Clark air tòiseachadh mar Oifigear Leasachaidh Iar Thuath Leòdhais. Bidh an obair aice a’ gabhail a-steach cruthachadh agus leasachadh Plana Gàidhlig airson na sgìre, ag obair eadar Nis agus Loch a’ Ghainmhich.
Leugh tuilleadh air dreuchd Alison an seo

Luchd saor-thoileach!
Tha Comunn Eachdraidh Nis a' lorg luchd saor-thoileach airson a bhith:
anns a' chafaidh / cidsin
anns a' pholycrub
anns an taigh-tasgaidh
anns an tasglann
a' coinneachadh daoine aig an doras
Ma tha ùidh agaibh, cuir fios thugainn air office@cenonline.org / 810 377 no thig a-steach!

Brot agus milseag
Bidh Brot agus Milseag ann Disathairne 30 A' Mhàirt, 12 gu 2f airson Carraighean Cuimhne a' Cheann a Tuath.
Bidh fàilte oirbh!

Nollaig 2023
Bidh a' bhùth agus an cafaidh fosgailte Disathairne 16 An Dubhlachd 11m gu 4f . Thig a-steach agus èist ri òrain na Nollaig bho Chòisir Lacasdail agus thig an raffle a thaghadh!
Bidh Tropic Skincare by Alice, Tractor Art Hebrides, Island Gift Boxes agus Scentiness còmhla rinn air an latha cuideachd.

Cafaidh - An Geamhradh
Bidh uairean fosglaidh a'chafaidh ag atharrachadh a dh' aithgheàrr airson mìosan an Geamhraidh.
Tapadh leibh uile airson a bhith a' tadhal air Comunn Eachdraidh Nis.

Charle's a' ruith!
Ma tha sibh air Fios a leughadh, chì sibh gu bheil Charles Young (Na Còig Peighinnean) a' gabhail pàirt anns an Great Scottish Run ann an Glaschu aig toiseach an Damhair.
Bidh Charles a' togail airson airson Carraighean Cuimhne a' Cheann a Tuath agus tha sinn air duilleag JustGiving a chur air dòigh airson tìodhlaicean.
Ceud mìle taing Charles!

Seachdain Dùthchas aig CEN
Mar phàirt de seachdain Dùthchas aig Urras Oighreachd Ghabhsainn, tha Comunn Eachdraidh Nis a' cur air adhart tachartasan fad seachdainn, a' toiseachadh Diluain 4 an t-Sultain.
Tha Ceòl sa Chafaidh ann feasgar Dimàirt còmhla ri Willie Caimbeul (le Niseach Chef Allan Macrisnidh anns a' chidsin!), feasgar le fiolmaichean choimhearsnachd agus cothrom eile èisteachd ri òraid mu ulaidh Adabroc and claimh Àird Dhail.
Chì sibh am poster an seo agus clàr-bidh Ceòl sa Chafaidh.
Cuir fios thugainn ma tha sibh airson a thighinn gu tachartas sam bith.

An Tilleadh souvenir book
Tha leabhar airson comharrachadh an taisbeanadh 'An Tilleadh' a-nis ri cheannach aig Comunn Eachdraidh Nis. Ionnsaich mu Ulaidh Adabroc agus Claimh Àrd Dhail a tha gu bhith ri fhaicinn aig Comunn Eachdraidh Nis airson bliadhna.
Ceannaich copaidh den leabhar anns a' bhùth no fon tiotal 'Exclusive to Comunn Eachdraidh Nis' anns a' bhùth air loidhne.
Le taing gu Loom Graphics, Steòrnabhagh.

Saturday opening during July and August
Bidh Comunn Eachdraidh Nis fosgailte gach Disathairne tron t-Iuchar agus An Lùnasdal. Seo na h-uairean fosglaidh:
Taigh-tasgaidh, bùth agus na taisbeanaidhean 11m gu 4f
Cafaidh 11m gu 3.30f (biadh teth gu 3f)

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, dealbh bho banais Chairistìona Drogaidh agus an duine aice Niall. Tha Màiri Sheonaidh Bhig anns a' mheadhan le thrì putan geal agus air a cùlaibh, Oidhrig Staraidh às a Rubha a bha na tidsear ann an Sgoil Lìonal.

Saoil an Till mi Chaoidh
Airson ceud bliadhna a chomharrachadh bho dh' fhàg a' Mhetagama, Am Marloch agus an Canada Leòdhas, bidh taisbeanadh aig Comunn Eachdraidh Nis le stuth bho gach seothach agus fiosrachadh mun na daoine a dh' fhalbh à Ceann a Tuath Leòdhais.
Tha an taisbeanadh fosgailte Diluain gu Dihaoine
10m gu 4.30f

An Tilleadh
Tha Ulaidh Adabroc agus Claidheamh Àird Dhail a' tilleadh a Nis, Eilean Leòdhais - nithean prìseil bho Linn an Umha.
Tha iad gu bhith air iasad aig Comunn Eachdraidh Nis airson bliadhna. Nam measg tha grìogagan òir, òmair is glainne, tuaghan, ràsaran, pìosan de shoithichean agus claidheamh, fhathast geur às dèidh 3,000 bliadhna sa pholl-mhònach
Leugh am brath-naidheachd 'An Tilleadh'
Leugh/luachdaich (download) am bileag-fiosrachaidh 'An Tilleadh'

Seachdain na Gàidhlig!
Seachdain na Gàidhlig aig Comunn Eachdraidh Nis!
Seo Grace agus a màthair Muriel. Tha Grace agus Muriel a-staigh aig Comunn Eachdraidh Nis gu tric agus tha na dèideagan agus na leabhraichran Gàidhlig a còrdadh ri Grace!

Teatha agus cofaidh an asgaidh
Gheibh sibh teatha agus cofaidh filter an asgaidh aig Comunn Eachdraidh Nis gu deireadh a' Mhàirt 2023. Bidh rudan milis ùr anns a' chafaidh cuideachd! Tha an cafaidh fosgailte Diluain gu Dihaoine, 11m gu 4f. Thigibh a-steach, bidh fàilte oiribh.

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, caraidean beaga dòigheil a' cluich a-muigh còmhla. Ach an-dùil cò iad agus càite ann an Nis an deach an dealbh a thogail?

Wednesday photo
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, Ruairidh Moireach (Ruairidh an t-Sasanaich) à Newmarket (Steòrnabhagh) agus Fort William, Vancouver.
Bha Ruairidh air a' phoileas agus seo e na aodach-obrach airson a chumail fhèin blàth bho shneachd mhòr Vancouver. Bhiodh gu leòr taingeil airson seacaid Ruairidh thairis na làithean a chaidh seachad ann an seo!

Dealbh Diciadain
Bliadhna mhath ùr dhuibh!
Tha dealbh Diciadain air ais! Tha sinn a' tòiseachadh le dealbh mìorbhaileach - 'Inch' à Cros a' cliathadh le each. Bhiodh each a' tarraing a' chlèith gus an talamh a bhriseadh sìos mus deigheadh nithean a chur.

Oidhche anns a' bhothan
Thig còmhla rinn ann am bothan Adabroc airsonoidhche le sgeulachdan agus cuimhneachain. Bidh bus a' fàgail CEN aig 7.15f airson a bhith aig Bothan Adabroc aig 7.30f.
Bidh an oidhche gu lèir ann an Gàidhlig.
Tiocaid £5.00 - cuir fios thugainn ma tha sibh airson tiocaid a cheannach.
"Chì mi anns a' bhothan thu!"
Bho Chlas gu Craoladh
'S iomadh sgoilear òg a fhuair foghlam ann an Sgoil Chrois, ach an robh fios agaibh gun deach tòrr dhuibh air adhart gu bhith ag obair aig a' BhBC?
Thigibh còmhla rinn a-rithist airson an ath thachartais airson Bliadhna nan Sgeul 2022 a chomharrachadh, agus èistibh ri cuid de sheann sgoilearan Bun Sgoil Chrois a chaidh 'bho chlas gu craoladh'.
Bidh an oidhche gu leìr anns a' Ghàidhlig.

Duaisean Comann Ailtireachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean
’S ann le fìor thlachd agus toileachas a dh’ fhaodas sinn a rath, gun do bhuannaich Comunn Eachdraidh Nis ann an Duaisean Comann Ailtireachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIAA) 2022. Bhuannaich Comunn Eachdraidh Nis an duais airson Dèanamh Àite: Togalaichean no eadar-obrachadh san raon phoblach a chuireas ri càileachd àite sam bith agus/no a’ cruthachadh mothachadh air àite’.
Leugh am brath naidheachd an seo.

Oidhche air leth ri tac an teine
Bha oidhche air leth ann còmhla ri Iain Gordon Dòmhnallach agus Ryno Moireasdan ri tac an teine airson Bliadhna nan Sgeul 2022 tòiseachadh. Chuala sinn mu bodach Loch Mharabhat agus caileach an Druim Fhraoich agus na 'gùlain' a bhiodh daoine a' faicinn cuideachd.
Chanainn gun deach solais fhàgail air an oidhche sin...

Thig còmhla rinn airson Dùthchas 2022!
Tha Comunn Eeachdraidh Nis a' gabhail pàirt ann an Dùthchas 2022.
Thig Dùthchas aig CEN a chumail bho 5mh - 9mh an t-Sultain agus bidh fàilte chridheil oirbh!
Chì sibh am postar an seo agus leig fios gu donna@cenonline.org / (01851) 810 377 ma tha sibh airson a thighinn gu tachartas sam bith.

Dealbh Diciadain: An Eva

Bliadhna nan Sgeul 2022: Sgeulachdan Eagalach à ceann a tuath Leòdhais SOLD OUT!
Airson Bliadhna nan Sgeul 2022 a chomharrachadh, thig còmhla ri Iain Gordon Dòmhnallach agus 'Ryno' Moireasdan 'ri tac an teine' gus an cluinn sibh sgeulachdan eagalach na sgìre.
Thig ri tac an teine aig Comunn Eachdraidh Nis air Diardaoin 25 An Lùnastal aig 7.30f
Tha tiocaidean £5.00 às a' bhùth aig Comunn Eachdraidh Nis.

Tha sinn a' fosgladh Disathairne!
Bidh Comunn Eachdraidh Nis fosgailte gach Disathairne anns an t-Iuchar agus An Lùnasdal, 10m gu 4f.
Thigaibh a-steach agus bidh fàilte oirbh.

Alasdair MacIlleBhàin: Maim-Slè
Diciadain 25 An Cèitean, 8f
Alasdair MacIlleBhàin à Muile (Tosgaire na Gàidhlig 2019 & 2020) a’ gabhail cuid de na h-òrain as fheàrr leis agus a’ còmhradh ri Agnes Rennie (Tosgaire na Gàidhlig 2021) mun leabhar ùr aige, Maim-slè.
San leabhar ùr seo de bhàrdachd agus rosg, tha Alasdair a’ rùrachadh cor na Gàidhlig, fèin-aithne agus so-sheasmhachd am fochair ealain ùr le Alice NicBhatair. ’S e an leabhar seo an treas meur de cho-obrachadh eadar Theatre Gu Lèor agus an còmhlan WHYTE is e dlùth-cheangailte ri dealbh-chluich, Maim (2020), agus clàr-ciùil, cuideachd don ainm Maim (2021). Gabhaidh Alasdair cuid de na h-òrain traidiseanta a tha aig cridhe an leabhair, a thuilleadh air òran no dhà às an sgìreachd seo fhèin.
Ticeadan ri fhaiginn bho Comunn Eachdraidh Nis
£10.00
£8 concession

Job Vacancy: Development Officer
CEN is offering an exciting opportunity for someone to join their team to support their net zero ambitions. You will be based at Comunn Eachdraidh Nis in Ness, Isle of Lewis and work as part of the CEN team to ensure the café and other services operate efficiently and cost-effectively.
The café already serves some locally sourced food but we want to expand this offering – aiming for 100% fresh, local produce if possible. Small producers supporting each other help build economic sustainability into the community. Working to mutual benefit delivers a better sense of business community cohesion, high transportation and commission costs are eliminated and the carbon footprint reduced.
You will promote the organisation’s carbon reduction initiatives on-site, through the website, social media channels and on menu cards. You will inspire others to practise sustainability through a series of community events.
Essential:
A passion for environmental sustainability.
Work experience in a sustainability related area such as tourism, hospitality, or a similar role.
Financial management skills.
Able to work on your own initiative or as part of a team.
Flexible and adaptable, with strong communication skills.
Desirable:
Qualification or experience in Sustainable Development, Business Administration or Tourism & Hospitality. (Other subjects accepted provided the candidate has the required skills)
Knowledge of the Gaelic language.
Start Date: June 2022
Salary: £24,000 per annum
Duration: 18 months (37.5hrs per week)
Closing date: 30 May 2022
This position is funded by The Western Isles Development Trust & Museums Galleries Scotland

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, muinntir Sgiogarstaigh.
Aonghas ‘An Bhàin, Alasdair Beag ‘An Bhàin le Doleen Choinnich, Dòmhnall Alasdair agus Coinneach a’ Charabhaigh.

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn.
Seo turas sgoil Shàbaid le muinntir Bhuirgh, am Baile Àrd agus Mealabost. An robh thu ann?

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, balaich ann an Rònaidh ag obair air caoraich.

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn. An t-seachdain seo, sgoilearan à Sgoil Gabhsainn.
L-r a' seasamh: Dòmhnall Allan Murray, Seonag Bhrìsidh, Murdaidh agus Donnie Finlayson
A' suidhe: Mairead Bhàn Bhrìsidh, Dòmhnall Murdo Aonghais Mhurdigan (Tubby), Angus Sheonaidh Fhionnlaigh
Aig a' bhòrd: Peter, Margaret Joan (Calum na Sùist), Neil Iain Mhurdo, Kirsty Mairead Mhurchaidh Ruairidh, Roddy John a' Chuiligich

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn.
Seo Uilleam Chalum Rèillidh à Eòropaidh a' faighinn 'Supporter of the Year' anns a' Chlub aig toiseach na 80s. Chì sibh Iain Gordon Dòmhnallach ach cò tha leis a' mhic?

Taisbeanadh ùr: Seallaidhean de Nis
le Iomhair Moireach Macaoidh
A' fosgladh Diluain 21 A' Mhàirt
Tha na gailearaidhean fosgailte Diluain gu Dihaoine, 10m gu 4.30f.

Taisbeanadh ùr: Tìr an Traoin
Taisbeanadh le RSPB Scotland
A' fosgladh Diluain 21 A' Mhàirt 2022
Tha na gailearaidhean fosgailte Diluain gu Dihaoine 10f gu 4.30f

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn.
Seo Aonghas Greumach (Misean) à Borgh ri taobh an Jubilee anns a Phort anns na 80s. Chaidh an Jubilee a togail ann an 1935 airson sgioba à Borgh, Am Baile Àrd agus Mealabost.
Leugh tilleadh mun Jubilee agus bodaich Bhuirgh ann an Criomagan 2018 a tha ri cheannach anns a' bhùth.

Dealbh Dimàirt
Gach seachdain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn.
An-diugh, fear a' phost agus a' bhana. Ach cò e an dùil?

Dealbh Diciadain
Gach Diciadain, bheir sinn sùil air ais air na daoine agus a' choimhearsnachd againn tro dhealbhan an tasglainn.
Seo agaibh Fèill-Reic a chaidh a chumail ann an Talla Nis sna 1970s. Cò a tha sibh ag aithneachadh?

Na h-Eilthirich
Thar na bliadhna seo bidh sinn a' cruinneachadh fiosrachadh mun fheadhainn a bhuineadh dhan sgìre eadar Rubha Robhanais agus Baile an Truiseil a dh'fhalbh a-null thairis sna 1920an agus ron sin. Bidh an rannsachadh seo air leth feumail airson Bliadhna Tilleadh Dhachaigh Innse Gall 2023.
Cuiribh fios gu CEN ma tha fiosrachadh feumail sam bith agaibh agus ma tha sibh airson a bhith an sàs sa phròiseact.

Taisbeanadh ùr: Eadar Talamh is Tìr
‘S e neach-ealain Gàidhlig a th’ ann am Màiri NicGillÌosa agus tha a’ Ghàidhlig air leth cudromach dhith na h-obair. Tha ùidh mhòr aice anns na ceanglaichean eadar daoine, cànan, cleachdaidhean dùthchasach agus an àrainneachd.
Mar neach-ealain tha Sandra Cheanadach air a tarraing gu mòr le dreach-tìre. Tha an obair aice sònraichte airson a bhith a’ gluasad nam faireachdainnean againn. Tha an ealain aca a’ bualadh air taobh siar agus taobh sear Leòdhais. Aig cridhe an cuid obrach, tha ar dàimh ris na bailtean agus ar ceanglaichean teaghlaich. Chithear cumadh nan croitean agus an dreach-tìre anns na dealbhan agus na h-ìomhaighean.
Tha 'Eadar Talamh is Tìr' le Màiri NicGillìosa agus Sandra Cheanadach fosgailte Diluain gu Dihaoine 10m gu 4.30f (chun Bhliadhn' ùr).