Taisbeanadh Club Ball-Coise Nis
View this page in English
Chaidh taisbeanadh a chumail ann an 2014 airson comharrachadh gun robh deich bliadhna fichead bho bhuannaich Nis Cupan Amateur na Gàidhealtachd airson a’ chiad uair.
Bha mòran chluicheadairean agus luchd-comataidh bhon àm sin an làthair aig an fhosgladh, còmhla ri feadhainn a bha an sàs nuair a bhuannaich Nis an cupan a-rithist ann an 1991, 1992 agus 1995.
Cupan Amateur na Gàidhealtachd
Anns an taisbeanadh bha tòrr dhealbhan bho na h-amannan soirbheachail sin, deiseachan ball-coise, brataichean agus cuimhneachain eile a bha an club air a chruinneachadh tro na bliadhnachan. Fhuaireadh iasad de Chupan Amateur na Gàidhealtachd agus bha e san taisbeanadh air a sgeadachadh le ribeanan uaine agus geal.