Sealladh air na Seachdadan

View this page in English

Bha Comunn Eachdraidh Nis dà fhichead bliadhna a dh’aois ann an 2017. Airson an ceann-bliadhna mòr seo a chomharrachadh, chùm sinn taisbeanadh air an robh ‘Sealladh air na Seachdadan’ a thug sùil air ais air beatha muinntir na sgìre ann an 1977.

Mar phàirt den taisbeanadh, chaidh cidsin agus seòmar-suidhe a chur ri chèile anns an fhasan a bha cumanta anns na seachdadan. Chòrd sin ri daoine gu mòr! Bha gu leòr a’ tachairt ann an sgìre Nis anns na seachdadan.

Bha ‘Job Creation’ a’ toirt obair do mhuinntir na sgìre; bha club òigridh a’ dol ann an Talla Nis; thòisich Co-Chomunn Nis airson an sgìre a leasachadh; ach canaidh cuid gur e seo an rud bu chudromaiche a thachair - bhuannaich sgioba ball-coise Nis Copan Leòdhais!

children playing on traktor

Cuir Taic

Cuidich eachdraidh, cultar, cànan agus dualchas na sgìre a ghlèidheadh agus àrdachadh airson nam bliadhnaichean ri thighinn. 

Support Us