Eadar Talamh is Tìr

View this page in English

‘S e neach-ealain Gàidhlig a th’ ann am Màiri NicGillÌosa agus tha a’ Ghàidhlig air leth cudromach dhith na h-obair. Tha ùidh mhòr aice anns na ceanglaichean eadar daoine, cànan, cleachdaidhean dùthchasach agus an àrainneachd.

Mar neach-ealain tha Sandra Cheanadach air a tarraing gu mòr le dreach-tìre. Tha an obair aice sònraichte airson a bhith a’ gluasad nam faireachdainnean againn.

Dàimh agus ceanglaichean

Tha an ealain aca a’ bualadh air taobh siar agus taobh sear Leòdhais. Aig cridhe an cuid obrach, tha ar dàimh ris na bailtean agus ar ceanglaichean teaghlach. Chithear cumadh nan croitean agus an dreach-tìre anns na dealbhan agus na h-ìomhaighean.