Fàilte
Eachdraidh, cànan agus dualchas cheann a tuath Leòdhais a chlàradh, a ghleidheadh agus àrdachadh anns an sgìre ionadail agus air feadh an t-saoghail.
Eachdraidh na sgìre
Le taigh-tasgaidh barantaichte, tasglann, bùth, agus cafaidh a tha a' tabhainn clàr-bìdh blasta, tha gu leòr a chòrdas ribh aig Comunn Eachdraidh Nis. Tron bhliadhna bidh sinn a' cumail thaisbeanaidhean chultarach eadar-dhealaichte anns an dà ghailearaidh.
Tuilleadh fiosrachaidh→
An Cafaidh
Tha cafaidh Comunn Eachdraidh Nis cliùiteach airson biadh agus seirbheis chàirdeil. Thigibh a-steach agus gabhaibh fois le copan teatha no cofaidh, lòn agus fuine.